DAOINE
Tha e na amas SEALL ri chom-phàirteachas choimhearsnachdail is tachartasan ealaine a sholarachadh aig fìor àrd-ìre dhan t-sluagh ionadail againne.
A’ toirt cumhachd do ghuthan ionadail
Ag àrach sealladh cultarach beothail far am faodar sgeulachdan agus seallaidhean ionadail a cho-roinn leis an t-saoghal mhòr.
A’ togail misneachd agus sgilean cruthachail
A’ toirt seachad leasachadh proifeiseanta agus cothroman do luchd-ealain an dearbh-aithne ealantais a neartachadh is an sgilean adhartachadh.
A 'cruthachadh slighean gu soirbheachas
Tha sinn nar bhunait adhardachaidh, a’ togail ceangalan eadar ealantas ionadail ri èiceòlas-ealain Albannach nas fharsaigne; ag àrach co-obrachadh, agus aithne nàiseanta agus adhartas dreuchdail.
A’ brosnachadh an ath ghinealach
Le bhith a’ taisbeanadh sgeulachdan soirbheachais ionadail bidh sinn a’ brosnachadh dhaoine òga gus na h-àrd-amasan ealanta aca a leantainn agus an sealladh a leudachadh taobh a-staigh coimhearsnachd nas fharsainge.
SEALL@anTaigh
Tha SEALL@anTaigh na phrògram stèidhichte air conaltradh agus riochdachadh ealanta dhaibhsan a dh’ fhaodadh a bhith aonaranach nar coimhearsnachdan. Bidh sinn ag obair le Alzheimers Scotland gus cleachdaichean ealain proifeasanta a thoirt gu dachaighean-cùraim agus bheir sinn air falbh an t-uallach siubhail le bhith a’ toirt solar ealain gu daoine ann an coimhearsnachdan iomallach far a bheil e nas duilghe tighinn thugainn.
Oifigear Gàidhlig
Tha SEALL moiteil Oifigear Gàidhlig fhastadh san dreuchd, is ann an co-obrachadh le Bòrd na Gàidhlig. Tha sinn a'dèanamh cinnteach gu bheil a’ bhuidheann againn stèidhichte gu daingeann ann an cànan is dualchas na sgìre, le cultar Gàidhlig. Tha sinn a’ dèanamh cinnteach gu bheil ar litreachas dà-chananach, ann am Beurla agus Gàidhlig, is a bhith a’ toirt seachad bùithtean-obrach agus taisbeanaidhean fad na bliadhna a bhios a’ comharrachadh luchd-ealain agus luchd-cleachdaidh na Gàidhlig,is a’ dèanamh cinnteach gu bheil cleachdadh na Gàidhlig air a riochdachadh aig na tachartasan againn.
Tha SEALL moiteil a bhith a’ toirt taic do ghnìomhachas ealain-chleasachd na h-Alba le dòigh-obrach a tha cothromach, neo-thaobhach agus le spèis a thaobh feumalachdan is sunnd an luchd-ealain. Faic ar Poileasaidh Co-ionannachd Ion-ghabhaltas agus In-ghabhail.