DÙTHCHAS
S e amas SEALL aonaranachd a' lughdachadh anns na coimhearsnachdan iomallach againn, is a’ toirt ealain gu na coimhearsnachdan fhèin gus nach fheum iad tighinn thugainn.
'S ann san sgìre Eilein Sgitheanaich, Ratharsair agus Loch Aillse a bhios sinn a’ frithealadh le solair-ealaine aig àrd ìre.
Na h-Ionadan againn
'S e bailtean anns an Eilean Sgitheanach a th' ann am Port Rìgh, Dùn Bheagan, An t-Ath Leathann, Caol Àcain, A' Bhràighe, Sgeabost, Sligeachan, Gleann Dail, Bhatairnis, An Dùn Bhàin, Armadal, Eilean Iarmain, Tarsgabhaig, Stafainn, Flòdaigearraidh, Ùige, Ealaghol, An Torran, Caol Reatha agus Carbost san Eilean Sgitheanach. air tìr-mòr tha Caol Loch Aillse còmhla riutha thairis air an drochaid. Dìreach turas goirid air aiseag bhon Eilean Sgitheanach tha Eilean Ratharsair.
Ar Cànan
Bidh SEALL a’ comharrachadh Cànan nan Gàidheal is a riochdachadh le cùirmean-ciùil is bùithtean-obrach gus ealantas is spionnadh na Gàidhlig a thaisbeanadh agus bùithtean-obrach gus tàlant is spionnadh na Gàidhlig agus na coimhearsnachd a thaisbeanadh. ’S e aon de na h-iomairtean as ùire againn a chaidh a chuir air bhog ann an 2024, Jam Bus, seisean ciùil gluasadach air a stiùireadh le luchd-ciùil òga le Gàidhlig.
Tha Oifigear Gàidhlig agus poileasaidh cànain Gàidhlig aig SEALL, is tha sinn ag obair gu bhith lochran a’ chànain, a’ togail ceangailean eagar-ghinealaich is a bhith ion-ghabhaltach is so-ruigsinneach.
Bidh sinn ag obair le com-pàirtichean leithid Sabhal Mòr Ostaig gus ceanglaichean a thogail nas fhaide air falbh taobh a-staigh lìonra nas motha.
Stèidhichte ann an Slèite san Eilean Sgitheanach, 's e Sabhal Mòr Ostaig an aon ionad foghlaim àrd-ìre agus adhartach air an t-saoghal a tha a' toirt seachad a phrògraman ionnsachaidh gu tur tro mheadhan na Gàidhlig ann an àrainneachd bhogadh, làn cànain.
Na h-ionadan againn
Tha an t-Eilean Sgitheanach, Ratharsair is Loch Aillse làn thallachan beaga, taighean-staile is tallachan mòra. Thèid na h-àitichean seo air an atharrachadh le SEALL gu ionadan ealain den chiad àrd-ìre, gach àite le an dearbh-àithne aca le coimhearsnachdan sònraichte aig tèis meadhan nan chridhean, is bheir iad sàr-àrd-ìre de luchd-ealain is ciùil gu na diofar àrd-ùrlaran le tachartasan airson gach aois le diofar cìsean.
Ar luchd-tadhail
Tha an sgìre seo ainmeil mar aon de na pàirtean as iongantaiche de dh’Alba le comharran-tìre suaicheanta agus luchd-turais air feadh an t-saoghail. A bharrachd air a’ choimhearsnachd-còmhnaidh iongantach againn, tha SEALL a’ cur fàilte air luchd-tadhail bho air feadh an t-saoghail gus eòlas fhaighinn air na h-ealain againn, ar cànan, ar coimhearsnachdan agus ar prògram thachartasan is fhèisean! Airson tuilleadh fiosrachaidh mu na tha a’ dol san sgìre, tadhail air www.EileanSgiathach.com