Tha SEALL air leth toilichte ainmeachadh Benny Mathman mar an Stiùiriche Cruthachail ùr aige. ’S e rionnag a tha ag èirigh ann an saoghal theatar na RA a th’ ann am Benny, agus tha eòlas cliùiteach aige ann an dealbhadh solais, pailteas eòlais riochdachaidh, agus dìoghras airson co-obrachadh cruthachail. Tha e a’ gabhail a-steach don dreuchd deiseil airson prògram àrd-amasach SEALL de cheòl, theatar, dannsa, litreachas, comadaidh, agus tachartasan coimhearsnachd air feadh an Eilein Sgitheanaich, Ratharsair, agus Loch Aillse a chumadh. Às dèidh ùine gluasaid, gabhaidh Benny ris an dreuchd san Fhaoilleach 2026.

Thuirt Gareth Morgan, Cathraiche a’ Bhùird:

“Tha Bòrd SEALL air leth toilichte fàilte a chuir air Benny Goodman mar an Stiùiriche Cruthachail ùr againn. Tha Benny a’ tilleadh gu buidheann leis an robh e na shaor-thoileach aig toiseach a chùrsa-beatha anns na gnìomhachasan cruthachail. Mar cheumnaiche bhon Royal Conservatoire, tha e air dreuchd air leth soirbheachail a thogail ann an dealbhadh is riochdachadh solais agus tha e a-nis a’ gabhail ris an dùbhlan a bhith a’ stiùireadh lèirsinn chruthachail SEALL. A-mach à raon làidir de thagraichean, sheas tagradh Benny a-mach airson a cheangal brosnachail is pearsanta ris a’ choimhearsnachd. Tha sinn air bhioran faicinn mar a bhios SEALL a’ leasachadh fo a stiùireadh.”

“Tha am Bòrd cuideachd airson ar taing a chur an cèill don Stiùiriche Cruthachail a tha a’ leigeil dheth a dhreuchd, Jamie Sutherland. Fo stiùireadh Jamie, tha SEALL air maoineachadh ioma-bhliadhnail fhaighinn bho Alba Chruthachail, air com-pàirteachasan maireannach a thogail le Bòrd na Gàidhlig agus raon de chom-pàirtichean cudromach eile, agus air prògram thachartasan mìorbhaileach a lìbhrigeadh. Tha Fèis nan Tallaichean Beaga a tha ri thighinn na chuimhneachan iomchaidh air dìcheall agus obair chruaidh Jamie, agus tha sinn a’ guidhe gach soirbheachas dha fhèin agus dha theaghlach."

Thuirt Benny Goodman, Stiùiriche Cruthachail a tha a’ tighinn a-steach:

“Tha mi air leth toilichte a bhith a’ gabhail dreuchd Stiùiriche Cruthachail aig SEALL. Nuair a dh’fhàs mi suas san Eilean Sgitheanach, chluich a’ bhuidheann pàirt mhòr ann a bhith a’ cruthachadh mo ùidh thràth anns na h-ealain, agus mar sin ’s e urram mòr a th’ ann tilleadh agus cur ris an obair iongantach is bhrosnachail a tha SEALL a’ dèanamh. Tha mi a’ coimhead air adhart gu mòr ri bhith ag obair leis an sgioba, ar com-pàirtichean, agus a’ choimhearsnachd fharsaing gus togail air bunaitean làidir agus taic a thoirt do phrògram beòthail is àrd-amasach airson nam bliadhnaichean ri teachd.”

Às dèidh dha fàs suas san Eilean Sgitheanach, dh’fhàg Benny an t-eilean agus rinn e sgrùdadh Dealbhadh Solais aig Conservatoire Rìoghail na h-Alba, a’ ceumnachadh ann an 2017 leis an Duais Simon Crowther airson Sàr-mhathais agus Dealas don InstitiudBho sin, tha e air a bhith ag obair air raon farsaing de riochdachaidhean ann an taighean-cluiche air feadh na RA agus san Roinn Eòrpa agus tha e air a bhith na cho-obraiche cruthachail fad-ùine leis a’ chompanaidh theatar ainmeil Wonder Fools. Tha an obair aige a’ dol thairis air dealbhadh solais, riochdachadh, agus leasachadh cruthachail, a’ toirt pailteas eòlais gu prògram SEALL.

Tha SEALL, a tha a-nis na cheathramh deichead, a’ leantainn air adhart a’ taisbeanadh prògram àrd-amasach de thachartasan air feadh an Eilein Sgitheanaich, Ratharsaigh agus Loch Aillse. Tha dreuchd Benny a’ comharrachadh caibideil ùr inntinneach fhad ‘s a tha a’ bhuidheann a’ togail air soirbheasan o chionn ghoirid agus a’ coimhead air adhart ri fèisean, com-pàirteachasan agus iomairtean cruthachail san àm ri teachd.